FIOS-NAIDHEACHD
FÉILE FILÍOCHTA 2004
Thathar air toraidhean Féile
Filíochta 2004 a chur an cèill. Fhuair sinn còrr is 6,000 dàn ann an 9
cànain agus tha an fheadhainn a ghlèidh duaisean a’ tighinn às gach ceàrnaidh
den t-saoghal – à Astràilia, às na Stàitean Aonaichte, às a’ Ghearmailt, às an
Ostair, às an Fhraing, às an Eadailt, às an Spàinn, às a’ Bhreatainn Bhig, às
an t-Suain, à Sasainn, à Èirinn agus à Alba fhèin. Chìthear na dàin air fad a
bhuannaich air www.dlrcoco.ie/library
Is e adhbhar-misneachd mòr a bh’ ann gun tàinig leudachadh annasach air
ìre nan dàn ann an Gàidhlig am-bliadhna, le faisg air ceithir fichead dhiubh
ann an Roinn nan Inbheach. Chaidh a’ chiad duais a thoirt do Rob MacIlleChiar
às an Tòrr Mhòr san Eilean Sgitheanach airson an dàin Àrdachadh. Chaidh an dara duais a thoirt do Mheg Bateman à
Tarsgabhaig an Eilein Sgitheanaich airson an dàin A’ Bhean Eudach agus b’ e Aonghas Dubh MacNeacail a thug a-mach an
treas duais leis an dàn Crèadh.
Tha e na thoileachas mòr dhuinn a chur an cèill gun deach Duais Dàn na
h-Eòrpa bhuileachadh air fear na Cuimris Tony Bianchi airson an dàin Cartref. Tha an duais seo ga toirt
seachad le Assemblée des Régions d’Europe airsin an dàin as fheàrr ann an Roinn
nan Inbheach. Gheibh sibh barrachd fiosrachadh mu dheidhinn Tony agus an dàn
aige anns a’ Chuimris agus anns a’ Bheurla air an làrach-lìn againn.
Thèid an Fhéile fhèin a chumail ann an Talla na
Siorrachd, Dún Laoghaire, Èirinn, Dihaoine 1 an Giblean. Gheibhear ticeadan bho
1 Màrt air adhart bho Marian Keyes, Senior Librarian (Culture) air (00 353) 1
278 1788 no post-dealain mkeyes@dlrcoco.ie.
Thèid seo a chumail aig an aon àm ri Fèill Poetry Now (PN05), aig am bi Margaret
Atwood, C. K. Williams agus Simon Armitage, gun tighinn air britheamh Féile
Filíochta Rody Gorman. Bidh seo a’ dol bho 31 am Màrt gu 3 an Giblean 2005 agus
ga cur air dòigh le Oifis nan Ealain aig a’ Chomhairle. gheibhear barrachd
fiosrachaidh bho arts@dlrcoco.ie (Poetry
Now) no (00353) 1 205 4873.
Taing mhòr dha na
britheamhan air fad agus dhan a h-uile duine a chuir stuth a-steach dhan
fharpais àraidh seo. Taing gu sònraichte do Aonghas Dubh MacNeacail agus Iain
MacDhòmhnaill Chomhairle nan Leabhraichean a rinn tòrr obrach gus stuth na
Gàidhlig a chur air adhart am-bliadhna.
Thèid Féile Filíochta 2005 a chur air bhog
tràth san Òg-mhìos am-bliadhna.