Féile Filíochta- International Poetry Competition - A Dún Laoghaire-Rathdown County Council Library Event
you are here> homepage/Prizes Winners 2007/ Scottish Gaelic Category

'S tusa cuan mo chridhe cráidthich

 

'S tusa cuan mo chridhe chràidhtich
Fairge mo chuislean bàite
Muir nam mìle toinneamh sàraicht'
Gun tonn tàlaidh.

'S ann air bàrr do shuaile shnàmhainn
Ged a bhiodh tu rium làn àilgheis
Mo spèis shuarach na cùis-nàire
Gun tlachd ràithe.

Ach on sheòl mi null thar t' shàile
Orm cha ghabh mi tighinn far àrdain
Is rùn gach rùin leam, stuagh mo nàdair
Dhut rin àiteach.

Mártainn Mac an tSaoir (1st Prize, Adult)
back


Sanas Eile

A' siubhal dhomh madainn
Là na Bliadhn' Ùire mun t-sliabh
Anns an robh na bodaich
Air chùl an t-seanchais ri Mùirneag,
Thàinig mi air bothan aosta
Gun mhullach gun fhiosta
'S, mar gum b' eadh na chròg-ri-fraigh,
Sanas ann sa Ghàidhlig
Bho linn-crochadh-nan-con
Agus an sgealbag na bhroinn
A' tomhadh orm san aodann:
Tha feum aig an dùthaich agaibh oirbh.

 

Rody Gorman (2nd Prize, Adult)
back


MNEMOSYNE

teine, an-shocrach,
air an teallach
teanganan,
acrasach, fial.

do làmhan
ciùin, bàn,
air a' chuibhle-shnìomha.

lasairean, guthan
beaga dearg
feargach, faobharach, fiar

do chlàr-aodainn rèidh
gun aois, gun teagamh

is creutair an teine
cha chùm cagailt e.

 

 

Mona Claudia Striewe (3rd Prize, Adult)

 

home | back | next | top

féile logo return to homepage